Monthly Archives: November 2019

Dè th’ ann Eileanan Aonaranach?

Tha làrach-lìn agam air a bheil “Lonely-Isles”. Tha i mu dheidhinn eileanan na h-Alba. Ach chan eil mu dheidhinn a h-uile eileanan na h-Alba. Tha na h-eileanan air an làrach-line trèigte no chan eil ach corra dhuine a’ fuireach an sin an-dràsta. Faodaidh sibh tuilleadh a leughadh mu dheidhinn “Lonely Isles” nam briogadh tu an dealbh.

Chaidh “Lonely Isles” a sgrìobhadh anns a’ Bheurla a chionn tha Beurla agam!  Ach dh’fhaodeadh gum bruidhneadh na duine a bha a’ fuireach air na-eileanan seo a’ Ghàidhlig. Bha mi a’ smaoineachadh gum biodh e na dheagh bheachd tionndadh Gàidhlig a sgrìobhadh. B’ e seo aon dhe na rudan a thug dhomh brosnachadh Gàidhlig ionnsachadh.

Bidh e na slaodach obair ach tha mi an dòchas gun leugh is tuig sibh e nuair a nochdas na duilleagan Ghàidhlig.

Taing airson leughadh.

Cò Pòl Cliaman?

Fàilte chun earrann Ghàidhlig de fromheretorhere.

…cò Pòl Cliaman?

Uill, is mise Paul Clements agus is mise Pòl Cliaman cuideachd! ‘S e Paul Clements a th’ orm anns a’ Bheurla ach ‘s e Pòl Cliaman a th’ orm anns a’ Ghàidhlig. Tha sin math ach s’ docha gu bheil sibh a’ smaoineachadh carson a tha mi a’ sgrìobhadh anns a’ Ghàidhlig? ‘S e deagh cheist a th’ ann agus tha an freagairt furasta gun robh mi airson a-riamh Gàidhlig na h-Alba ionnsachadh.

Tha mi air a bhith ag ionnsachadh Gàidhlig o chionn an t-Samhain 2017. An toiseach chaidh mi a chlas ann am Biggar agus chòrd e rium. Bha an tidsear glè mhath agus chaidh mi an-sin airson còig no sia seachdean. An toiseach bha mòran duine ann ach mu dheireadh bha dà no trì ann fhathast. Sguir na clasaichean aig Nollaig ach bha mi airson tuilleadh ionnsachadh. Roghnaich mi An Cùrsa Inntrigidh a dèanamh aig Sabhal Mòr Ostaig.

Faodaidh sibh tuilleadh a leughadh mu dheidhinn a’ chùrsa an seo.

Dè bhios mi a’ sgrìobhadh mu dheidhinn anns a’ Ghàidhlig? Tha mi an dùil gum bi mi a’ sgrìobhadh mu dheidhinn mòran rudeigin – mo bheachdan, mo bheatha, gràmar na Gàidhlig agus rudeigin eile cuideachd. Tha mi an dòchas gun còrd e ruibh.

Taing airson leughadh.